Spàinntis

Spàinntis
Español, Castellano
Fuaimneachadhespaˈɲol/, /kasteˈʎano/
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

500 millean (mar ciad chainnt)
417 millean mar chiad is dàrna chànan

Reangach2 or 3 (mar chiad chainnt)[1]
3 (gu lèir)
Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

  • Cànain Eadalach
    • Cànain Ròmansach
      • Italo-Western
        • Gallo-Iberian
          • Ibero-Romance
            • West Iberian
              • Spàinntis
Siostam-litreachaidhAibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil21 dùthchannan
'Ga riaghladh leAssociation of Spanish Language Academies (Real Academia Española is 21 acadamaidhean eile)
Còdan Cànan
ISO 639-1es
ISO 639-2spa
ISO 639-3spa
Roinnean far a bheil Spàinntis ga bruidhinn;
Dearg: Spàinntis mar cànan oifigeil a-mhàin,
Gorm: Spàinntis mar cànan oifigeil còmhla ri cànain eile

'S e cànan Innd-Eòrpach a`tha ann an Spàinntis, ainm bho thùs: castellano. Thàinig an cànan bho thaobh tuath na Spàinne. Tha freumhan cumanta aig an Spàinntis agus am Portagailis. Tha Spàinntis ga bhruidhinn anns an Roinn Eòrpa, ann am corra àite ann an Àisia is Afraga, agus gu h-àraidh air feadh Aimearaga.

Eachdraidh

Thathar ag ràdh gun do nochd an Spàinntis agus Am Portagailis mar chànain rè linntean na cogaidhean an aghaidh nan Arabach. Aig toiseach tòiseachaidh an ghnothaich, fhad' s a bha làmh an uachdair fhathast leis na Arabaich, bha sreath dhe Rìoghachdan beaga neo-eisimeileach ann, is iad uile ann an ceann a thuath na Spàinne. Anns A' Ghàilis, bha cànan le freumhan Laideann ga bhruidhinn. Beag air bheag, rinneadh na Crìostaidhich an gnothaich air na h-Arabaich, gan sguabadh a-mach às an dùthaich. Mu dheireadh thall, nochd dà stàit, An Spàinn agus A' Phortagail, far an robh dà chànan coltach ann: Spàinntis agus Portagailis.

Laideann ga Bhruidhinn

Cha robh Laideann ga bhruidhinn ann am Iberia mus do ràinig feachd na Ròimh ann am 318 RO is rinn iad an gnothaich mu dheireadh thall ann an 18 RO, fo Chaesar Augustus. Sgaoil an cànan fad is farsaing gu luath, agus an ceann beagan ghinealach, bha na cànanan tùsail air a bhàsachadh ach ann corra àite. Thathar a' creidsinn gu robh na daoine deiseil airson a ghabhail ri cultar agus cànan na Ròimh leis gu robh cultaran adhartach mar na Greugaich ann bho thùs. Anns a' chiad linn thuit ìompaireachd na Ròimh a-mach a chèile agus thoisich leasachadh neo-eisimeileachd a' chànain anns na beanntan ann an thaobh mu thuath na dùthcha. Tha iomadh ainm-àite Laideann anns an Spàinn gus an latha an-diugh. Cha do leig na cànanan tùsail ach facal neo dhà.

Turas na Visigodos

Bha làmh an iuchair aig na Visigodos, treudan às a' Ghearmailt, rè iomadh linne an dèidh dha na Ròmanaich Hispania fhàgail. Thug iad facal neo dhà dhuibh, ach cha do chuir an cànan aca air an dùthaich, leis cho pròiseil a bha cultar agus cànan na Ròimh, ged nach robh a saighdearan nas motha. 'S e clas flaitheil a chruthaich iad anns an Spàinn. An dìleab aca: na sloinnidh. 'S e ainmean Visigodo a th' ann na sloinnidh Spàinnteach le -ez: Martínez = Mac Mhàrtainn, Rodríguez = Mac Ruaraidh (Martin's/Roderick's).

A' Bhuaidh Arabach

Ann am 711 Ràinig airm Muslamach an ceann a deas na Spàinne, le ceann-feachda ris an canadh Tariq Ibn Ziyad os a chionn. Bha Arabais na chànan làitheil beò anns an dùthaich gu ruige 1592, nuair a cheannsaich feachdan Rìgh Fernando agus Banrighinn Isabel an Rìoghachd Mhuslamach mu dheireadh ann an Granada, is na Muslamaich nam fògarraich anns na beanntan neo thall thairis ann am Maroco. 'S e Al Andalus an t-ainm a bha air na tìrean Muslamaich far a bheil An Spàinn agus A' Phortagail an latha an-diugh. Rè 881 bliadhna bha cultar Arabach, saidheans, ionnsachadh, àiteachas, smuaintean agus cleachdaidhean ma sgaoil air feadh na dùthcha agus gu ruige an Roinn Eòrpa. Chruthaich rìghrean na Spàinne Sgoil Eadar-Theangaidh ann an Toledo, an dèidh am baile a thoirt bho na Muslamaich ann am 1085. Le sin, fhuair an Roinn Eòrpa beartas mòr bhuapa. A bharrachd air Muslamaich, bha coimhearsnachdan Iùdhaich agus Crìostaidh nan tàmh gu sìtheil còmhla.

Seo sreath fhacail le tùs Arabach ann an Spàinntis. Mar as àbhaist, tha iad uile faclan foghlaimte, àiteachail, biadh bho thall thairis neo cogail.

Facal ann an Spàinntis[2] Facal ann an Arabais Fuaimneachadh Facal anns a' Ghàidhlig
Alquería قرية Qeriya Baile beag armailte
Aceite زيت Zayt Ola
Albaricoque Albarqùq Crann chocair
Tobaco التبغ Tabaq Tombac
Jabalí Ghabalì Tuirc
Limón ليمون Laymun Liomaid
Algebra علم الجبر Alghabru Ailseabra
Aceituna الزيتون Azazaytùna Meas a' Chrann-ola
Acequia Assaqya Clais-uisge
Visir الوزير Wazìr Ministear an Riaghaltais
Alberca بركة Albìrqa Stòr-uisge
Alcalde Alqàdi Pròbhaist
Azotea Assuthayha Mullach còmhnard taigh
Alférez Alfàris Leas-oifigear
Tabique Taisbik balla
Almirante أميرال Amìr Ceann-loingeis
Fánega Faniqa Acair
Alcázar الكازار Qasr Caisteal
¡Ojalá! O mo chreach!
Café قهوة Qahwah Cofaidh

Ceannsachadh Aimearagaidh

Ceannsachadh Aimearagaidh

Ann an 1592, ràinig loingeas Spàinnteach eileanan anns a' Chairib. Le sin, thoisich ceannsachadh mòr a thug an tìr-mòr Aimearaga fo bhuaidh na Spàinne neo A' Phortagail bho Chalifornia mu thuath gu ruige Patagonia ann an ceann a deas. Cha do chaill An Spàinn an colonaidh mu dheireadh aice gus 1898, nuair bhuannaich na Stàitean Aonaichte ann an Cuba. Rinn na Spàinntich droch mhilleadh an siud, agus thuit an àireamh-shluaigh gu mòr, leis nach robh iad deiseil airson gan dìon bho tinneasan na Roinn Eòrpa is an droch làimhseachaidh a fhuair iad. A bharrachd air sin, nochd iomadach fhacal ann an Spàinntis: faclan airson rudan nach fhaiceadh a-riamh ann an Roinn Eòrpa, rudan a-nis cho làitheil dhuinn, mar a' bhuntàta neo an tomàto.

Seo sreath dhe na faclan a thàinig dhan Spàinntis bho na Cànainean tùsail ann an Aimearaga, gu h-àraidh bho na cultaran adhartach. Gu tric, tha faclan tùsanach eadar-dhealaichte anns gach uile dùthaich ann an Aimearaga Laideannach. Mar eisimpleir, ann am Meagsago, tha na faclan bho Nauhatl, cànan nan Aztec, uabhasach pailt. Ann am Pearù, tha a' mhòr-chuid dhuibh a' tighinn bho Quechua, teanga oifigeil ìompaireachd nan Inca. An latha an diugh, 's e Piri-Piri (Guaranaidh) an t-ainm ann am Paraguaidh agus Braisil air an stuth ris an canar chile (nahuatl) ann am Meagsago, ach 's e ají (taino) am facal a tha aca air feadh na Mara Chairibianach.

Facal ann an Spàinntis[3] Facal tùsail Cànan tùsail Roinn Facal anns a' Ghàidhlig
Achiote achiyotl Nauhatl Aimearaga Meadhanach Stuth dearg 'son còcaireachd
Aguacate Ahuacatl Nauhatl Aimearaga Meadhanach Abhocado
Barbacoa Taino Muir Chairibianach àine-chaoire
Bejuco
Bohío Tobht
Cacique Ka Chi Ka Taino Muir Chairibianach Ceann-cinnidh
Caníbal Caríbal Taino Muir Chairibianach Canabail
Caucho Kauchu Quechua Pearu Rubair
Chicle tzictli Nauhatl Aimearaga Meadhannach Glaodh Cagnaidh
Chile Chilli Nauhatl Aimearaga Meadhannach Tile
Chocolate Xoco (searbh) Atl (uisge) Nauhatl Aimearaga Meadhanach Teòclaid
Guacamole Huaca Mulli Nauhatl Aimearaga Meadhanach Sàbhas guacamole
Guagua Wawa Quechua Pearu Aran milis
Guayaba Arawak Muir Chairibianach Meas Ghuabha
Huracán Taino Muir Chairibianach Stoirm mhòr
Iguana Iwana Arawak Muir Chairibianach Ioguana
Maíz Mahís Taino Muir Chairibianach Cruinneachd Innseanach
Papa Papa Quechua Pearu Buntàta
Piraña Pira (iasg) Anha Guaraní Paraguaidh Mhòr Iasg Piranha
Tomate Tomatl Nauhatl Aimearaga Meadhanach Tomàto

An-diugh tha eadar 322 agus 400 millean duine a' bhruidhinn Spàinntis mar prìomh-chànan.

Other Languages
Gaeilge: An Spáinnis
Gaelg: Spaainish
Cymraeg: Sbaeneg
адыгабзэ: Испаныбзэ
Afrikaans: Spaans
Akan: Spanish
Alemannisch: Spanische Sprache
አማርኛ: እስፓንኛ
العربية: لغة إسبانية
অসমীয়া: স্পেনীছ ভাষা
asturianu: Idioma español
Aymar aru: Kastilla aru
azərbaycanca: İspan dili
башҡортса: Испан теле
Boarisch: Spanisch
žemaitėška: Ispanu kalba
Bikol Central: Tataramon na Espanyol
беларуская: Іспанская мова
беларуская (тарашкевіца)‎: Гішпанская мова
български: Испански език
भोजपुरी: स्पेनिश भाषा
Bahasa Banjar: Bahasa spanyol
bamanankan: Espankan
བོད་ཡིག: སེ་པན་སྐད།
বিষ্ণুপ্রিয়া মণিপুরী: স্প্যানিশ ঠার
brezhoneg: Spagnoleg
bosanski: Španski jezik
ᨅᨔ ᨕᨘᨁᨗ: ᨅᨔ ᨔᨄᨎᨚᨒ
català: Castellà
Chavacano de Zamboanga: Lengua Español
Mìng-dĕ̤ng-ngṳ̄: Să̤-băng-ngà-ngṳ̄
Cebuano: Kinatsila
Chamoru: Españót
qırımtatarca: İspan tili
čeština: Španělština
kaszëbsczi: Szpańsczi jãzëk
словѣньскъ / ⰔⰎⰑⰂⰡⰐⰠⰔⰍⰟ: Їспанїискъ ѩꙁꙑкъ
Чӑвашла: Испан чĕлхи
Zazaki: İspanyolki
dolnoserbski: Špańšćina
ދިވެހިބަސް: އިސްޕެނިޝް
eʋegbe: Spangbe
emiliàn e rumagnòl: Spagnôl
Esperanto: Hispana lingvo
español: Idioma español
euskara: Gaztelania
estremeñu: Lengua castellana
føroyskt: Spanskt mál
français: Espagnol
arpetan: Castilyan
Nordfriisk: Spoonsk
Frysk: Spaansk
Gagauz: İspan dili
贛語: 西班牙語
Avañe'ẽ: Karaiñe'ẽ
ગુજરાતી: સ્પેનિશ ભાષા
客家語/Hak-kâ-ngî: Sî-pân-ngà-ngî
עברית: ספרדית
Fiji Hindi: Spanish bhasa
hornjoserbsce: Španišćina
Kreyòl ayisyen: Lang panyòl
Հայերեն: Իսպաներեն
interlingua: Lingua espaniol
Bahasa Indonesia: Bahasa Spanyol
Interlingue: Hispan
ГӀалгӀай: ХIиспаной мотт
íslenska: Spænska
italiano: Lingua spagnola
ᐃᓄᒃᑎᑐᑦ/inuktitut: ᓯᐸᐃᓂᑎᑐᑦ
日本語: スペイン語
Patois: Panish
la .lojban.: sanbau
Basa Jawa: Basa Spanyol
ქართული: ესპანური ენა
Qaraqalpaqsha: İspan tili
Адыгэбзэ: Эспаныбзэ
Kongo: Kispanya
қазақша: Испан тілі
kalaallisut: Spanskisut
ភាសាខ្មែរ: ភាសាអេស្ប៉ាញ
한국어: 스페인어
Перем Коми: Эспаннёл кыв
къарачай-малкъар: Испан тил
Ripoarisch: Schpanische Sproch
kernowek: Spaynek
Кыргызча: Ыспан тили
Lëtzebuergesch: Spuenesch
лакку: Спанс маз
лезги: Испан чIал
Lingua Franca Nova: Espaniol
Limburgs: Castiliaans
lingála: Lispanyoli
لۊری شومالی: زۊن اٛسپانیایی
lietuvių: Ispanų kalba
latviešu: Spāņu valoda
олык марий: Испан йылме
Māori: Reo Pāniora
Baso Minangkabau: Bahaso Spanyol
македонски: Шпански јазик
монгол: Испани хэл
кырык мары: Испани йӹлмӹ
Bahasa Melayu: Bahasa Sepanyol
မြန်မာဘာသာ: စပိန်ဘာသာစကား
مازِرونی: ایسپانیولی
Dorerin Naoero: Dorerin Pain
Nāhuatl: Caxtillahtolli
Napulitano: Lengua spagnuola
Plattdüütsch: Spaansche Spraak
Nedersaksies: Spaans
नेपाल भाषा: स्पेनी भाषा
Nederlands: Spaans
norsk nynorsk: Spansk
norsk: Spansk
Novial: Spanum
Nouormand: Espangno
Sesotho sa Leboa: Sespan
Diné bizaad: Naakaii bizaad
Chi-Chewa: Chispanezi
occitan: Espanhòu
Livvinkarjala: Ispanien kieli
Pangasinan: Salitan Espanyol
Kapampangan: Espanyol (amanu)
Papiamentu: Spaño
Picard: Éspaingnol
Deitsch: Schpaanisch
Norfuk / Pitkern: Spanish
Piemontèis: Lenga spagneula
پنجابی: ہسپانوی
português: Língua castelhana
Runa Simi: Kastilla simi
rumantsch: Lingua spagnola
română: Limba spaniolă
armãneashti: Ispanjolã
tarandíne: Lènga spagnole
русиньскый: Шпанєльскый язык
Kinyarwanda: Icyesipanyole
संस्कृतम्: स्पैनिश भाषा
саха тыла: Испаан тыла
sicilianu: Lingua spagnola
davvisámegiella: Spánskkagiella
Sängö: Espanyöl
srpskohrvatski / српскохрватски: Španski jezik
Simple English: Spanish language
slovenčina: Španielčina
slovenščina: Španščina
Gagana Samoa: Fa'asipaniolo
chiShona: ChiSpanish
Soomaaliga: Af-Isbaanish
српски / srpski: Шпански језик
Sranantongo: Spanyorotongo
SiSwati: Sipanishi
Sesotho: Sespain
Seeltersk: Spoanske Sproake
Basa Sunda: Basa Spanyol
svenska: Spanska
Kiswahili: Kihispania
Türkmençe: Ispan dili
Setswana: Sespan
Tok Pisin: Tok Spen
Türkçe: İspanyolca
Xitsonga: Xipaniya
татарча/tatarça: Испан теле
Twi: Spanish
reo tahiti: Reo Paniora
тыва дыл: Испан дыл
удмурт: Испан кыл
ئۇيغۇرچە / Uyghurche: ئىسپان تىلى
українська: Іспанська мова
oʻzbekcha/ўзбекча: Ispan tili
Tshivenda: Spanish
vepsän kel’: Ispanijan kel'
Tiếng Việt: Tiếng Tây Ban Nha
West-Vlams: Spoans
Volapük: Spanyänapük
Winaray: Kinatsila
Wolof: Wu-ispaañ
吴语: 西班牙语
isiXhosa: IsiSpain
მარგალური: ესპანური ნინა
ייִדיש: שפאניש
Yorùbá: Èdè Spéìn
Vahcuengh: Vah Sihbanhyaz
Zeêuws: Spaons
中文: 西班牙语
文言: 西班牙語
Bân-lâm-gú: Se-pan-gâ-gí
粵語: 西班牙文
isiZulu: IsiSpeyini